UHI a’ cur an dreuchd Ceannard ùr air Inbhean agus Feabhasachadh Acadaimigeach

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) toilichte fios a thoirt gu bheil Anna-Wendy Stevenson SFHEA air a cur an dreuchd mar Cheannard ùr Inbhean agus Feabhasachadh Acadaimigeach. Thòisich Anna-Wendy na dreuchd ùr san Iuchar 2024, is i a’ toirt leatha 18 bliadhna de ghnàth-eòlas ann an ceannardas curraicealaim, teagasg duaisichte, agus dealbhadh is lìbhrigeadh phrògraman ann an ceòl aig UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall. 

see full size image
Anna-Wendy Stevenson

Thòisich cùrsa-obrach Anna-Wendy aig UHI ann an 2008 aig Colaisde a’ Chaisteil (UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall a-nis), far an robh i a’ teagasg air prògraman ciùil Foghlam Adhartach agus Teisteanas Nàiseanta Àrd-ìre (HNC). Phàirtich i an gnàth-eòlas saidhbhir aice mar fhìdhlear Albannach, le gnàth-eòlas eadar-nàiseanta ann an cluich agus teagasg. 

Chuir na h-oidhirpean aice gu mòr ri bhith a’ cur Innse Gall am follais mar cheann-uidhe airson ionnsachadh mu cheòl traidiseanta, is mòran de na h-alumni a-nis nan ainmean aithnichte sa ghnìomhachas. 

Ann an 2012, ghabh Anna-Wendy ceannas air a’ BhA ann an Ceòl Gnìomhaichte, a’ chiad cheum ciùil practaigeach, lìonraichte, ioma-ghnèitheach san RA a bha ga thoirt seachad tro ionnsachadh measgte. Bha an ceum fìor ùr-ghnàthach seo a’ toirt a-steach teicneòlasan air-loidhne agus greisean-còmhnaidh agus bha e a’ cur fòcas air togail lìonraidhean, gach cuid proifeiseanta agus ann an coimhearsnachdan ionadail agus eadar-nàiseanta, tro chruthachadh chom-pàirteachasan, obair pròiseict chruthachail, iomlaid chultarail agus gnìomhachd eadar-chuspaireil. 

Agus oileanaich air an suidheachadh ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd, rinn am modail deuchainn air adhbhar-bith an oilthigh ùir agus thug e cothrom do na h-oileanaich sin a dh’fheumadh, mura b’ e seo, an coimhearsnachdan fhàgail airson ionnsachadh. 

Fhuair am prògram BA ann an Ceòl Gnìomhaichte aonta eadar-nàiseanta ann an 2020 agus fhuair e ìre riarachaidh de 100% ann an Suirbhidh Nàiseanta nan Oileanach bho 2018 gu 2022. Mar mholadh air an obair aca, fhuair sgioba a’ phrògraim an Duais Cho-obrachail airson Sàr-mhathas Teagaisg (CATE) o Advance HE ann an 2021. 

Mar thoradh air soirbheachas a’ phrògraim seo chan e a-mhàin gun deach an MA ann an Ceòl agus an Àrainneachd a chruthachadh, cùrsa air a bheil mòran spèis agus a fhuair, o chionn ghoirid, ìre riarachaidh de 100% anns an t-Suirbhidh air an Fhèin-fhiosrachadh Theagaisgte Iar-cheumnach, ach thugadh buaidh cuideachd air dealbhadh agus lìbhrigeadh cheuman eile tarsainn earrainn an Fhoghlaim Àrd-ìre. 

Is iomadh duais a fhuair Anna-Wendy airson na h-obrach aice, a’ gabhail a-steach duais HISA airson an Òraidiche Co-labhairt Bhidio as Inntinniche ann an 2016 agus an Òraidiche as Brosnachaile ann an 2021. Ann an 2018, choisinn i Neach-teagaisg Ciùil na Bliadhna aig Duaisean Ciùil Thraidiseanta na h-Alba MG Alba. Chaidh a h-ainmeachadh cuideachd airson Duais na Comhaltachd Teagaisg Nàiseanta ann an 2024, agus san aon bhliadhna, chaidh a h-ainmeachadh mar aon de 12 bhoireannach a chaidh a chliùiteachadh airson na chuir iad ri ceòl agus cultar ann an Alba. 

Agus i a’ bruidhinn air an dreuchd ùr aice, thuirt Anna-Wendy fhèin:

“Tha mi ga fhaicinn mar cheum nàdarra air aghaidh a bhith a’ gabhail os làimh dreuchd Cheannard Inbhean is Feabhasachadh Acadaimigeach. Tha mi dìoghrasach mu fhoghlam, inbhean acadaimigeach, agus a bhith a’ feuchainn gum faigh oileanaich fèin-fhiosrachadh barraichte.” 

“Bha e ciatach fhèin dhomh a bhith ag obair le sgioba de sgoilearan is luchd-cleachdaidh tàlantach air feadh lìonra UHI gus am BA (le Urram) ann an Ceòl Gnìomhaichte agus an MA ann an Ceòl is an Àrainneachd a lìbhrigeadh agus tha fios agam gun lean iad orra a’ soirbheachadh mar choimhearsnachdan cleachdaidh brosnachail is taiceil. 

“Bha càileachd agus feabhasachadh aig cridhe is cuislean na slighe phroifeiseanta agam fhèin, agus tha e na thoileachas mòr agus na urram dhomh a bhith ag obair leis an Acadamaidh Ionnsachaidh is Teagaisg, a’ stiùireadh an sgioba fìor dhealasach airson inbhean is feabhasachadh acadaimigeach agus sinn a’ tòiseachadh air tràth ùr ann am barrantachadh càileachd ann am foghlam treas ìre, leis an Fhrèam Feabhasachadh Càileachd Treas Ìre a tha ri tighinn bho Bhuidheann Barrantachadh Càileachd na h-Alba.”