Com-pàirteachas UHI a’ neartachadh co-obrachadh le daoine air an cur ann an dreuchdan àrd-cheannardais ùra

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) a’ daingneachadh an dealais a th’ aige a thaobh sàr-mhathas co-obrachail le bhith a’ cur fàilte air dithis stiùiriche cliùiteach bhon chom-pàirteachas aige don àrd-sgioba stiùiridh.

see full size image
Dealbh collàis (bho chlì gu deas) den Àrd-ollamh Jane Lewis, Prionnsapal UHI Sealtainn agus Iar-Phrionnsapal ùr airson Pròiseactan Ro-innleachdail aig UHI; agus an t-Àrd-ollamh Nick Owens, Stiùiriche Chomann Saidheans Mara na h-Alba agus Iar-Phrionnsapal ùr airson Rannsachadh agus Ùr-ghnàthachadh aig UHI.

Le daoine a bhith air an cur sna dreuchdan ro-innleachdail seo, thathar a’ dèanamh a rèir Phlana Ro-innleachdail 2030 UHI, a tha a’ cuimseachadh air ‘buidheann a chruthachadh a bhios làn-amalaichte, seasmhach agus a h-aire air daoine.’

Gabhaidh an t-Àrd-ollamh Jane Lewis, Prionnsapal UHI Sealtainn, dreuchd Iar-Phrionnsapal airson Pròiseactan Ro-innleachdail, agus gabhaidh an t-Àrd-ollamh Nick Owens, Stiùiriche Chomann Saidheans Mara na h-Alba (SAMS), dreuchd mar Iar-Phrionnsapal airson Rannsachadh agus Ùr-ghnàthachadh.

Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI a tha a’ stiùireadh cruth-atharrachadh UHI:

“Is e ar prìomh rùn dèanamh cinnteach gum bi a h-uile co-dhùnadh a nì sinn mar stèidheachd a rèir ar n-amasan ro-innleachdail airson 2030 a bhith a’ coileanadh sàr-mhathas obrachail agus seasmhachd ionmhasail. Le bhith ag altram barrachd co-obrachaidh tarsainn a’ chom-pàirteachais, bidh sinn nar buidheann treas ìre nas èifeachdaiche agus nas diongalta.”

“Bidh an gnàth-eòlas gun samhail a bheir na h-Àrd-ollamhan Lewis agus Owens don àrd-sgioba stiùiridh air leth luachmhor agus sinn a’ dèanamh ar slighe tron ​​ìre uile-chudromach seo de chruth-atharrachadh. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur fàilte orra don sgioba agus ri bhith a’ co-oibreachadh gu dlùth leotha air iomairtean ro-innleachdail.”

Leis a’ ghnàth-eòlas fharsaing a th’ aice air ceannardas, bheir an t-Àrd-ollamh Lewis seòladh ann a bhith a’ toirt taic do dh’iomairtean ro-innleachdail uile-chudromach air feadh chom-pàirteachas UHI.

Thuirt i fhèin:

“Tha e na thoileachas dhomh an dreuchd ùr seo a ghabhail os làimh mar Iar-Phrionnsapal airson Pròiseactan Ro-innleachdail aig UHI agus a bhith a’ cur ris a’ mhodail ceannardais cho-obrachail fhàsmhor againn. Mar a bhios sinn a’ strì a dh’ionnsaigh ar lèirsinn airson 2030, tha e deatamach gum bi na pròiseactan ro-innleachdail againn air an cumadh leis na com-pàirtichean air fad. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair le co-obraichean air feadh UHI gus ar cruth-atharrachadh a stiùireadh.”

Tha an t-Àrd-ollamh Nick Owens, a tha os cionn SAMS bho 2015, a’ toirt leis mòran gnàth-eòlais ann a bhith a’ stiùireadh bhuidhnean rannsachaidh iom-fhillte. Bidh pàirt chudromach aige ann a bhith a’ cumadh ro-innleachd rannsachaidh UHI. Thuirt e fhèin:

“Tha mi a’ dèanamh togail ri bhith a’ gabhail os làimh dreuchd an Iar-Phrionnsapail airson Rannsachadh agus Ùr-ghnàthachadh. Rè nan naoi bliadhna a chuir mi seachad aig SAMS agus UHI, chunnaic mi an deagh bhuaidh a tha an t-oilthigh a’ toirt air an sgìre againn agus air na daoine aice. Tha UHI na chumhachd a chum math chan ann ann am foghlam a-mhàin ach cuideachd san rannsachadh agus san ùr-ghnàthachadh a tha sinn ag altram.”

“Mar Chathraiche air a’ Chomataidh Beusachd Rannsachaidh, chunnaic mi an rannsachadh eadar-mheasgte, àrd-inbhe a tha ar co-obraichean air feadh UHI a’ cur a-mach, rud a thug fìor leudachadh air m’ inntinn. Anns an dreuchd ùr seo, tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cur barrachd eòlais air an rannsachadh againn a tha air thoiseach aig an ìre dhomhanta agus a bhith a’ cur am follais cho cudromach ’s a tha rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh taobh a-staigh UHI.”

Leanaidh an dithis àrd-ollamhan nan dreuchdan làithreach aig na stèidheachdan aca fhèin ann an Sealtainn agus san Òban, agus an t-Àrd-ollamh Lewis a’ toirt seachad 0.5 Co-ionann ri Làn-ùine (CLÙ) agus an t-Àrd-ollamh Owens 0.2 CLÙ airson an dleasnasan mar leas-phrionnsapalan. Thòisich iad sna dreuchdan seo air 1 Sultain 2024 agus tha iad air an suidheachadh annta airson teirm de 12 mhìos.

Tha tuilleadh atharrachaidhean ri bhith ann san àrd-sgioba stiùiridh agus Rùnaire an Oilthigh Sheena Stiùbhart a’ leigeil dhith a dreuchd nas fhaide air adhart am-bliadhna. Thuirt Vicki Nairn:

“Bho 2022, bha Sheena na ceannard agus na comhairliche air leth luachmhor na dreuchd mar Rùnaire an Oilthigh aig UHI, agus i a’ treòrachadh Cùirt UHI agus an àrd-sgioba stiùiridh. Tha i a’ fàgail dìleab làidir, mhaireannach a bheir seòladh dhuinn fhathast san àm a tha air thoiseach.”