Ollamhachd urramach air a buileachadh air ministear às a’ Ghàidhealtachd
Tha ollamhachd urramach air a buileachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air ministear a chuir seachad bliadhna mar Mhoderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba agus a phòs càraidean ainmeil. Chaidh an tiotal a thoirt don Fhìor Urramach Susan Brown aig cuirm-cheumnachaidh Cholaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI ann an Inbhir Pheofharain Dimàirt 2 Iuchar. Tha seo ag aithneachadh na rinn i airson na h-eaglais agus airson choimhearsnachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
Tha an Fhìor Urramach Brown na ministear air a’ Ghàidhealtachd o chionn barrachd is 30 bliadhna. Agus i à Penicuik faisg air Dùn Èideann o thoiseach, rinn i imrich chun na Gàidhealtachd ann an 1985 a sheirbheiseachadh an Eaglais Chill Iùrnain san Eilean Dubh. An dèidh 13 bliadhna, rinn i imrich do Dhòrnach, agus i ann an sin air a’ chiad bhoireannach a bhith air ceann cathair-eaglais san RA.
San dreuchd aice an Cathair-eaglais Dhòrnaich, chùm an Fhìor Urramach Brown seirbheisean-pòsaidh do Madonna is Guy Ritchie agus cuideachd don neach-tionnsgain teicneolais Elon Musk agus a’ bhana-chleasaiche Tallulah Riley. Chaidh a cur an dreuchd na Seaplain don Bhan-rìgh ann an 2011 agus chuir i crìoch air teirm mar Mhoderàtor Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba ann an Cèitean 2019. Leig an dreuchd seo leatha a bhith a’ coinneachadh ri daoine à iomadh ceàrn de dh’Albainn agus a bhith a’ siubhal don Argantain, Urugaidh, na h-Innseachan agus Pagastàn a dhèanamh deasbad air gnothaichean a’ gabhail a-steach slàinte inntinn, droch-uisneachadh san dachaigh agus dàimhean eadar-chreideamhach.
B’ e Prìomh Oifigear Gnìomhachaidh agus Rùnaire an Oilthigh, Fiona Larg, a thug a h-ollamhachd urramach don Urramach Brown. Thuirt a’ Bh-uas Larg: “Tha mi cho toilichte gu bheil an t-oilthigh air ollamhachd urramach a bhuileachadh air an Fhìor Urramach Susan Brown. San dreuchd aice, is iomadh rud a choilean i air a’ chiad neach, agus is math a dh’aithnichear i airson a deagh shunnd, cho furasta is a tha e bruidhinn rithe, agus a dòighean practaigeach, ciallach a bhith a’ cuideachadh agus a’ brosnachadh a h-uile duine ris an coinnich i.”
Thuirt an Fhìor Urramach Susan Brown: “Tha e a’ drùidheadh orm gu mòr gun smaoinichte ormsa airson urram de a leithid agus is mòr an onair dhomh gum faighinn e. Ar leamsa gu bheil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cur an gnìomh fìor bhuadh na Gàidhealtachd, is e sin a bhith a’ tairgsinn dhòighean cruthachail, innleachdach, furanach do dhaoine a bhith a’ fàs is a’ soirbheachadh.”
Thuirt an t-Urramach Eachann Moireasdan, Prionnsapal Cholaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI, cuideachd: : “Is iomchaidh gun toireadh oilthigh ionadail Susan cliù is urram dhi mar seo airson a h-euchdan comharraichte cho math ris na deicheadan de sheirbheis a thug i do na parraistich aice air a’ Ghàidhealtachd, agus is aoibhinn leinn gu bheil a’ chuirm-cheumnachaidh againn a’ toirt co-theacsa ‘coimhearsnachd de chreideamh is sgoilearachd’ anns an urrainn don oilthigh sin a dhèanamh. Tha seo sònraichte iomchaidh air latha air a bheil sinn a’ faicinn uiread de na ceumnaichean againn a’ dol a-steach do mhinistrealachd ann an caochladh eaglaisean, agus chan ann mar as lugha ann an Eaglais na h-Alba.”
Bidh Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI, a chaidh a stèidheachadh o chionn 25 bliadhna, a’ trèanadh oileanaich airson obair Chrìostail, a’ gabhail a-steach ministrealachd aoghaireil, tarsainn caochladh eaglaisean. An Eaglais na h-Alba, is e a’ cholaiste prìomh sholaraiche trèanadh acadaimigeach a-nis, agus i a’ trèanadh barrachd de mhinistearan Eaglais na h-Alba na oilthighean Albannach eile.