Teachdaireachd bhon Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair
A’ bhuil a thàinig à coinneimh eadar cùirt an oilthigh agus cathraichean bhùird nan com-pàirtichean acadaimigeach
Chaidh coinneamh a chumail an t-seachdain seo anns an robh buill de chùirt an oilthigh agus cathraichean bhùird nan com-pàirtichean acadaimigeach an làthair. Sa choinneimh sin bha deasbad fosgailte fosgarra ann mun dòigh a bheir sinn freagairt, mar stèidheachd/com-pàirteachas, air an iomadh dùbhlan mhòr a tha romhainn no a bhitheas romhainn gun dàil.
Is e coinneamh gu math buadhmhor a bh’ innte agus dh’aontaich sinn air teachdaireachd mun rathad a ghabhas sinn san àm ri teachd. Tha an teachdaireachd sin ri a faicinn gu h-ìseal. ’S e ceum cudromach a tha seo dhuinn agus saoilidh mi gu bheil sin deas a dhol air aghaidh leis a chum leas a h-uile duine.
An t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland
Prionnsapal agus Iar-Sheansalair
An teachdaireachd againn
“Tha Cùirt an Oilthigh agus Cathraichean nan Com-pàirtichean Acadaimigeach le chèile sa bheachd gu bheil sinn ag iarraidh buidheann nas amalaichte a bhith againn, sa h-uile h-àite a ghabhas agus sa h-uile h-àite a bhios e iomchaidh.
Sa chiad dol a-mach, is e na colaistean co-chorpaichte* agus a’ Chùirt a bheir seo air aghaidh le sùil ri fiosrachadh air ais air adhartas ro dheireadh na bliadhna seo.
Bidh seo a’ toirt an aire air feuman nan oileanach is an luchd-obrach agus na rudan ris a bheil iad am fiughair cho math ri iol-ghnèitheachd is neartan feadh stèidheachdan fa leth a dh’fhaodas fàgail gum bi toraidhean eadar-dhealaichte ann do chuid.
Tha sinn ag aithneachadh gu bheil e uile-chudromach earbsa, follaiseachd agus co-oibreachadh mar sgioba a bhith ann, agus tha sinn a’ cur mar fhiachaibh oirnn fhèin seo a nochdadh sa h-uile rud a nì sinn agus a bhith a’ conaltradh gu cunbhalach is gu seasmhach ris an luchd-ùidhe air fad taobh a-staigh is taobh a-muigh den stèidheachd."