Iar-phrionnsapalan a’ tòiseachadh nan dreuchdan an Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dèidh trì iar-phrionnsapalan ùra a chur an dreuchd san sgioba àrd-mhanaidsearachd aige gus am bi barrachd riochdachaidh ann bho na 13 de cholaistean is stèidheachdan rannsachaidh a tha a’ dèanamh suas a’ chom-pàirteachais aige.
Bidh na h-iar-phrionnsapalan a’ toirt dà latha gu leth san t-seachdain a’ cur taic ri amasan an oilthigh agus is ann pàirt-ùine a bhitheas iad a’ coilionadh dhleastanasan nan dreuchdan a th’ aca cheana ann an colaistean is institiudan rannsachaidh air feadh a’ chom-pàirteachais.
Tha an t-Àrd-ollamh Stuart Gibb, stiùiriche Institiud Rannsachadh na h-Àrainneachd aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI, an dèidh bhith air a chur an dreuchd mar iar-phrionnsapal (com-pàirteachadh eadar-nàiseanta agus a-muigh). Tha esan air ceann leasachadh is cur-an-gnìomh ro-innleachd eadar-nàiseanta an oilthigh, agus e ag obair airson suaicheantachadh an oilthigh a chur am feabhas agus meudachadh a thoirt air an àireimh de dh’oileanaich eadarnàiseanta a thruisear.
Tha prionnsapal Cholaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI, Lydia Rohmer, an dèidh tòiseachadh mar iar-phrionnsapal (treas ìre). Am measg nan dleastanasan aicese tha a bhith a’ cruthachadh ro-innleachdan airson an curaicealam a mheudachadh is a cho-eagrachadh aig a h-uile h-ìre, a bhith air ceann nan ullachaidhean airson dearbhadh is feabhasachadh càileachd agus a’ cuideachadh a bhith a’ leudachadh nan cothroman a th’ ann air foghlam.
Tha Iain Mac a’ Mhaoilein, prionnsapal Cholaisde a’ Chaisteil UHI, an dèidh bhith air a chur an dreuchd mar iar-phrionnsapal (co-chòrdachadh ro-innleachdail agus èifeachdachd eagrachail). Bidh esan ag oibreachadh a chomharrachadh raointean anns an gabh pròiseasan cur am feabhas agus anns an gabh seirbheisean is goireasan pàirteachadh air feadh chom-pàirteachas an oilthigh.
A bharrachd air na h-iar-phrionnsapalan pàirt-ùine, chuir an t-oilthigh fàilte o chionn ghoirid air Diane Rawlinson, a bha roimhid na prionnsapal air Colaiste Inbhir Nis UHI, do dhreuchd làn-ùine iar-phrionnsapal (foghlam adhartach) san Ògmhios. San dreuchd seo tha a’ Bh-uas Rawlinson ag obair le prionnsapalan air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean a dhèanamh cinnteach gum bi a h-uile h-eileamaid den ullachadh foghlam adhartach ga liubhairt a rèir phoileasaidh Riaghaltas na h-Alba agus aonta thoraidhean Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba.
Chuir prionnsapal is iar-sheansalair an oilthigh, an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland fàilte air a cho-oibrichean ùra, agus thuirt e fhèin, “Neartaich sinn an sgioba àrd-mhanaidsearachd againn leis na sàr dhaoine seo a bhith air an cur an dreuchd às diofar cheàrnaidhean den sgìre againn agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn an deagh chuideachaidh a bheir gach aon dhiubh do leasachadh an oilthigh.”
Thuirt an t-Àrd-ollamh Stuart Gibb, “Tha eadarnàiseantachadh aig cridhe is cuislean ro-innleachd Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus tha mi mar sin anabarrach toilichte a bhith a’ dol an grèim ris an dreuchd ùr seo. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cuideachadh fàs a thoirt air àireamh is iol-ghnèitheachd nan oileanach air feadh a’ chom-pàirteachais le bhith toirt a’ churaicealaim shònraichte a th’ againn chun a’ chòrr den RA, chun na Roinn Eòrpa agus chun a’ chòrr den t-saoghal, agus bidh mi a’ feuchainn ri com-pàirteachasan, co-obrachaidhean is modailean ro-innleachdail ùra a dhealbhadh is a stèidheachadh a nì adhartas a thaobh nan àrd-amasan eadarnàiseanta a tha seo.”
Thuirt Lydia Rohmer: "Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean na ionad air leth ann an Alba agus san Rìoghachd Aonaichte, a 'toirt seirbhis fior mhath do fhoghlam adhartach is àrd-ìre a bharrachd air ceumannan rannsachaidh ann an roinn a tha a' toirt a-steach leth de thalamh na h-Alba agus a 'toirt a-steach cuid de àiteachan iomallach as motha anns an RA. Chaidh mo dhreuchd a dhealbhachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil na cothroman iongantach agus eadar-mheasgte a tha com-pàirteachas an oilthigh a 'tabhann do luchd-ionnsachaidh, coimhearsnachdan agus luchd-fastaidh ann an roinn na Gàidhealtachd is nan Eilean, Alba agus nas fhaide air falbh, air an làn thuigsinn, air an leasachadh agus luachmhòr. Tha mi a 'coimhead air adhart ri bhith ag obair ann an com-pàirteachas le ar com-pàirtichean acadaimigeach agus ar luchd-ùidh roinneil agus nàiseanta gus na cothroman sin a thoirt gu buil airson buannachd nan oileanach againn, cho math ris an roinn gu h-iomlan.”
Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, “Aig an aon àm ri bhith a’ tairgsinn chothroman aig an ìre nàiseanta is eadarnàiseanta, tha an t-oilthigh is na com-pàirtichean aige a’ liubhairt na farsaingeachd iomlan de dh’fhoghlam iar-sgoil do choimhearsnachdan ionadail ann an sgìre a tha a’ toirt a-steach an dàrna leth de mheall-fearainn na h-Alba. Feumaidh sinn amas air dòighean ùra air seo a dhèanamh gus an tèid againn air an sàr liubhairt againn a chumail suas is a leudachadh aig an aon àm ri bhith a’ cruthachadh chothroman ùra. Tha mise a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ cuideachadh gus an stèidhich sinn an t-oilthigh mar ghnìomhaiche a chuireas ri fìor chruth-atharrachadh sa Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.”