Òraid a’ cur aghaidh ris na dùbhlain a th’ ann do mhion-chànanan
Bheir eòlaiche air mion-chànanan òraid an asgaidh seachad aig Sabhal Mòr Ostaig UHI air an ath-mhìos. Sgrùdaidh Conchúr Ó Giollagáin, Àrd-Ollamh Rannsachaidh na Gàidhlig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean na dùbhlain ionadail is eadar-nàiseanta a th’ ann do mhion-chànanan. Bruidhnidh e mu mar a tha beatha nua-aimsireil na cunnart do mhion-chànanan agus mìnichidh e gur e fuasgladh eile air an t-suidheachadh a tha a dhìth.
Mar a tha an t-Àrd-Ollamh Ó Giollagáin a’ mìneachadh: “Tha mòran den deasbad a th’ ann an-dràsta mu iomadachd mhion-chànanan mì-fhreagarrach agus neo-threibhdhireach. Feumaidh sinn measadh soilleir air na tha a’ tachairt don Ghàidhlig agus do mhion-chànanan eile a chur a chèill mar chiad cheum ann a bhith a’ moladh fhuasglaidhean ùra air an t-suidheachadh a th’ againn an-dràsta. Ma tha sinn gu bhith a’ toirt dòchas do choimhearsnachdan, feumaidh sinn lèirsinn agus ro-innleachd a chur an cèill anns am faod misneachd a bhith aig daoine.”
Bheir an t-Àrd-Ollamh Ó Giollagáin seachad an òraid ùr-thòiseachaidh aige ‘Ath-sgrùdadh air ar Suidheachadh: Na Mion-chànanan ann an Nua-aimsireachd an t-Saoghail Mhòir’ seachad eadar 5.15f agus 7.15f Dimàirt 19 Giblean aig Sabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach. Thèid an òraid a thoirt seachad ann am measgachadh de Ghàidhlig agus Beurla agus bidh goireasan ann don fheadhainn a tha airson eadar-mhìneachadh Beurla a chluinntinn. Thèid an tachartas fhilmeadh agus bidh e ri fhaotainn goirid an dèidh làimh air farsaingeachd de làraich-lìn. Airson barrachd fiosrachaidh mun òraid, no airson àite an asgaidh a ghleidheadh, cuir post-d gu events@uhi.ac.uk no tadhal air www.uhi.ac.uk