A’ chiad òraid chuimhneachaidh air somhairle macgill-eain ga lìbhrigeadh leis an oll. Dòmhnall Meek
Thèid a’ chiad Òraid Chuimhneachaidh air Somhairle MacGill-Eain - Òraid Shomhairle - a lìbhrigeadh leis an Oll. Dòmhnall Meek aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach, Diciadain 20 Màrt.
Seo a’ chiad òraid ann an sreath ùr de dh’òraidean acadaimigeach anns a’ Ghàidhlig mar dhòigh air aithne a thoirt do chliù nàiseanta agus eadar-nàiseanta a’ bhàird, Somhairle MacGill-Eain.
A bharrachd air a bhith ag aithneachadh a’ bhàird gu sònraichte, tha cothrom gu bhith an seo gach bliadhna sgoilearachd na Gàidhlig an Alba fhoillseachadh tro thachartasan a’ dèiligeadh ri litreachas, eachdraidh, cultar, agus coimhearsnachd.
Bidh na cuspairean a thèid an lìbhrigeadh a’ togail air gach ùidh a bh’ aig Somhairle fhèin, nam measg: litreachas na Gàidhlig de gach seòrsa agus bho gach linn; camanachd agus spòrs Gàidhealach; saoghal na croitearachd agus eaconamaidh coimhearsnachdan Gàidhlig; dualchas agus beul-aithris; eachdraidh na Gàidhealtachd; agus na gnothaichean cudromach a bha a’ toirt buaidh air foghlam Gàidhlig thar nam bliadhnaichean chun an latha an-diugh agus an latha a-màireach.
Thuirt An Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha sinn air leth toilichte gu bheil An t-Oll. Dòmhnall Meek air aontachadh a’ chiad òraid anns an t-sreath ùr seo a lìbhrigeadh air cuspair a tha cho freagarrach sa ghabhas air na rùintean againn, agus a tha cho iomchaidh aig an dearbh àm a thaobh dheasbadan poilitigeach agus sòisealta agus cho dlùth ri ùidhean Shomhairle fhèin: ‘Na Maoir agus na Bàillidhean ann an Litreachas agus Beul-aithris na Gàidhlig’.
“Le bhith a’ toirt an Oll. Meek air adhart chun chiad Òraid, tha sinn a’ comharrachadh gu bheil slat-tomhais gu math cudromach gu bhith againn leis an t-sreath ùr seo de dh’òraidean, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu bhith gan cleachdadh mar thachartasan fìor chudromach ann an clàr bliadhnail an t-Sabhail.”
Thèid a’ chiad òraid a lìbhrigeadh ann an Talla Dhonaidh Chaimbeul aig Sabhal Mòr Ostaig, far am bi eadar-theangachadh mar-aon dhan Bheurla ri fhaotainn, agus bidh i cuideachd ri fhaicinn beò air-loidhne.
Thèid an sreath de dh’òraidean a chur an clò rè ùine, agus bidh na clàraidhean ri fhaotainn air an t-seanail YouTube aig Sabhal Mòr Ostaig: bidh sin cuideachd na bhuannachd mhòr do sgoilearachd sa Ghàidhlig.
Bha Somhairle MacGill-Eain air leth cuideachail agus taiceil dhan t-Sabhal, an dèidh dha pàirt a ghabhail ann an stèidheachadh na Colaiste ann an 1973; b’ e fear den cheathrar Urrasairean a chur cùisean air bhonn bho thùs. Bha e cuideachd na fhilidh aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1975–76, agus na bhall dhen Bhòrd-stiùiridh. Tha an stòras phàipearan agus leabhraichean pearsanta a bh’ aige air an tasgadh ann an seòmar fa leth, Seòmar nam Bàrd, ann an togalach Àrainn Chaluim Chille air làrach an t-Sabhail.
Tha e an-asgaidh tighinn chun na h-òraid agus faodar tiogaidean a ghleidheadh tro phost-d aig runaire@smo.uhi.ac.uk, agus tha an ceangal airson fhaicinn beò an seo https://www.smo.uhi.ac.uk/oraidshomhairle2024.